Oifigear Leasachaidh – Òigridh is Coimhearsnachd

Comunn na Gàidhlig

Posted

Part Time Permanent Contact: Màiri T NicDhòmhnaill

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd chudromach san sgioba leasachaidh aca a lìonadh. Tha an dreuchd sa mar phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga. Tha an obair a’ leantainn gach cuid ann an compàirt le sgoiltean is buidhnean eile, agus taobh a-muigh na sgoiltean sa choimhearsnachd fhèin. Bithidh cothrom aig an neach a tha seo leantainn ris an obair a tha mu thràth stèidhichte san sgìre, a thuilleadh air na beachdan aca fhèin a chuir an sàs.

Tha an dreuchd seo aig tuarastal tòiseachaidh £24,500 (obair làn ùine); £12,250 (obair pàirt ùine/0.5) (Tha peinsean de 9% peinsean ann, air muin an tuarastal a thèid aontachadh). ’S ann airson bliadhna a-mhàin a tha an dreuchd seo aig an ìre-sa, ged a bhitheadh sinn toilichte a shìneadh a-mach seachad sin, a’ crochadh air maoin a bhith ann, agus soirbheachas dearbhte.

Tha an dreuchd stèidhichte anns a’ choimhearsnachd.

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho: Màiri T NicDhòmhnaill, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG

Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 5.00f air 17mh Sultain 2021.

Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a' cur fàilte air iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd. Tha an dreuchd seo ga stèidheachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Report a problem with this job listing

See more jobs like these